Julie Fowlis Moladh Uibhist
>> YOUR LINK HERE: ___ http://youtube.com/watch?v=5nknBvSsFEM
Many photos in this piece are taken from: • http://www.redbubble.com/people/kasia... • • with thanks to the photographer. • • From her album 'Mar a tha mo chridhe'. • • Julie says: This song was composed by the late Robert MacKay of North Uist (Bàrd Iollaraigh) and praises the poet's island. It is also knowsn as 'S e mise bhith fada bho thir m'eòlais or Being far from the land I know. I learned this song from the well known and well respected singer Hugh Matheson (Uisdean Sheumais), from Baleshare. Uisdean and his wife Màiri were our only neighbours whilst growing up in Uist and I would see them often. Taing dhuibh airson ur cuideachadh agus airson a' Ghàidhlig 's an t-seinn agam à bhrosnachadh. • • Lyrics: Moladh Uibhist • • 'S e mis' bhith fada bho thìr m' eòlais • Chuir le bròn gu gluasad mi • Bhon tha an cianalas gam leòn • Gun eòlaich a bhith mun cuairt orm • Feuchaidh mi ri teud mo bheòil • An cuir i 'n òrdugh duanag dhomh • Air Uibhist ghleannach, ghorm an fheòir • 'S air pàirt de dhòigh an t-sluaigh a th' ann • • Mullach Langais nuair a chì mi • Bheir i inntinn shuaimhneach dhomh • 'S aotrom a ghearras mi sìnteag • Dìreadh ris a' ghualainn aic' • Nochdadh sìos ri tìr an aigh • 'S ri taighean blàth an t-sluaigh a th' ann • 'S ri Eilean Mhorghaidh air an tràigh • Ged 's tric muir-làn 'ga chuartachadh • • 'M Paibeil far an do bhlais mi tràth • Air bàidh na màthair bhuanghradhaich • Far am fàs an t-eòrna 's fheàrr • Gu diasach, gràinneach, dualanach • Dh'àraich iomadh laoch gun sgàig • 'S na bàird a b' fheàrr a chuala sinn • Bidh e tighinn gum chuimhne ghnàth • Gach coibhneas bàidh a fhuair mi ann • • Bu bhrèagha sealladh sa mhìos Mhàigh • Na raontan làn de ghruagaichean • Air an aghaidh fiamh a' ghàire • 'S air an gàirdean buaraichean • Dol dhan bhuailidh leis na laoigh • Nì geum cho binn 's a chuala sinn • An crodh gam freagairt aig a' chuidh' • 'S gum b' àrd a chluinnte nuallraich iad • • An Cille Mhoire 'n am an òrduigh • 'S an àm nam bòrd a chuartachadh • Dhìreamaid ri leathad Phòil • 'S bhiodh sealladh brònach, truasal ann • Sean is òg a' sileadh dheòir • Air tolmain bhòidheach uainbhratach • 'S a' smaointinn air luchd-dàimh nach beò • Bhith siud fo 'n fhòd air fuarachadh • • Mnathan ciatach, tosdach, ciallach • Modhail, rianail, luathlamhach • Càite nise 'n cualas riamh • A' spìocaireachd ri fuaite riu'? • 'S minig a thaisbean iad am fialachd • 'S iomadh dhìomh le truacantas • Gur tric thug iad don acrach biadh • Is àite-dìon bhon fhuachd thoirt dha • • Tìr mo dhaoine, tìr mo ghràidh • Ged theireadh càch gur duanaidh i • Cha do dhealraich grian air àite • Leth cho àlainn snuadh rithe • 'S ged nach fhaicear innte craobh • Gu faicear fraoch is luachair innt' • Agus muran dubhghorm na raon • 'S iad taobh ri taobh gu cuaileanach • • Tha cuid sliabh mar bha iad riamh • Gu fasgach, feurach, fuaranach • Cnocach, gleannach, sgorach, grianach • Lusach, riasgach, cruachanach • Far am faigh a' chaora dìol • 'S gun èis gum biadh i h-uan orra • 'S bheir iad daonnan don fhiadh • A dheoch, a bhiadh, 's a chluasagan • • Tha 'n sealladh mu dheireadh den ghrèin • 'S i 'n dèidh gach speur a chuartachadh • Air fhaicinn na mo dhùthaich fhèin • 'S i moch ag èirigh suas oirre • Crìochnaichidh mi 'n diugh mo sgeul • 'S e tìm a ghèill san uair seo dhomh • 'S ged gheibhinn dusan saoghal fèidh • Cha chuir mi 'n cèill gach buaidh a th' oirr'
#############################